Bitheamaid Geanach - Ian Rankin

Bitheamaid Geanach

By Ian Rankin

  • Release Date: 2017-01-24
  • Genre: Mysteries & Thrillers
Our rating: 5/5 stars

Score: (From 0 Ratings)
eBook version ☑

Audiobook version ♫

Bitheamaid Geanach by Ian Rankin read book description and reviews

Bitheamaid Geanach

Bha Rebus glè chinnteach gum biodh an deannan seo de mhuinntir Dhùn Eideann fada na b’ fhosgailte an dèidh dhaibh glainne no dhà fìon òl aig àm dìnnearach. Dh’aithnich e duine no dithis. Aon tè a b’ aithne dha ’s i nighean a bha ag obair aig pàipear-naidheachd. Bha a gàirdean timcheall air meadhan an leannain aice. Bha duine eile ann agus shaoileadh duine gur i a bhean a bha còmhla ris. ’S ann air fhèin a bha an droch thuar: mar gum biodh dùil aige gum bu chòir do dhaoine a bhith ga aithneachadh. Cha robh an tè a bha ri thaobh ach beag le falt bàn oirre agus bha i co-dhiù deich bliadhna na b’ òige na esan.

‘Nach e BPA a tha san fhear ud?’ thuirt Sìne ’s i a’ sainnsireachd.

‘’S e Scully Atchison a th’ air,’ thuirt Rebus.

Bha Sìne a’ leughadh na duilleig-fiosrachaidh gu dùrachdach.

‘Am fear a tha gus a bhith air a mharbhadh an-nochd, ’s e duine àraidh ris an canar Ebeneezer Scrooge,’ thuirt i.
‘An tusa a mharbh e?’

Tha ‘Bitheamaid Geanach’ anns an taghadh seo de sgeulachdan eucoir Ian Rankin às na cruinnichidhean aige A GOOD HANGING (1992) agus BEGGARS BANQUET (2002). Clàradh, Mallachd Dean, A’ faicinn Rudan, Auld Lang Syne agus Club nam Fear-uasal – agus Freagairt Ceàrr, Balla-ciùil, Uinneag a’ Chothruim, Bitheamaid Geanach agus Thadthail Cuideigin air Eddie.. Ann an naoi de na sgeulachdan tha rannsachadh le Inspeactair John Rebus. An aon sgeulachd anns nach eil Rebus ’s e ‘Thadhail Cuideigin air Eddie’. A rèir Ian Rankin, tha an sgeulachd sin mu mhodh-obrach nam poileas: “Tha murtair innte, chaidh cuideigin a mhurt agus tha car san deireadh.” 
tags: Bitheamaid Geanach by Ian Rankin eBOOK; Bitheamaid Geanach ePUB; Bitheamaid Geanach book review; Bitheamaid Geanach book summary; book recommendations; book review blog; book summary website; Bitheamaid Geanach Audiobook; Ian Rankin; Mysteries & Thrillers books; books to read Bitheamaid Geanach.

User Comments